'S e coimhearsnachd an lìn a tha a' leasachadh LibreOffice, pròiseact leis an Document Foundation nach eil ag amas air prothaid. 'S ann de shliochd OpenOffice a tha LibreOffice agus ma tha thu eòlach air OpenOffice, chì thu gu bheil iad gu math coltach ri chèile fhathast. Ma tha thu airson barrachd faighinn a-mach mu eachdraidh an dà bhathar, feuch an duilleag seo air Uicipeid na Beurla.
Tha a' choimhearsnachd 'ga leasachadh a chionn 's gu bheil sinn uile dhen bheachd gur e rud math a th' ann am bathar-bog saor, ann an co-obrachadh agus ann an co-roinneadh ghoireasan gu fialaidh. Tha gealladh aig cridhe a' phròiseict, gealladh airson bathar-bog nas fhearr, nas earbsaiche agus nas tèarainte nach cosg sgillinn ruadh dhut. Cha bu chòir do dhaoine a bhith air an glasadh a-staigh san aon bhathar a-rèir ar feallsanachd, bu chòir roghadh is taghadh saor a bhith ag daoine.
'S e a' choimhearsnachd a tha aig teis-mheadhan pròiseact LibreOffice agus cha b' urrainn dhuinn a chumail a' dol as a h-aonais idir. Mura biodh iadsan cho dìoghrasach dealasach, cha b' urrainn dhuinn bathar cho math a thoirt dhut, daoine a' tighinn cruinn a chum math na coimhearsnachd. Agus tha iomadh dòigh ann pàirt a ghabhail sa chùis.
Sgrìobh a' choimhearsnachd fhèin leth-laghan na coimhearsnachd agus tha iad 'gar treòrachadh 'nar n-obair agus sna dòighean air a bhrosnaicheas sinn com-pàirteachas dhaoine ùra ach chum am math fhèin agus math na coimhearnsnachd. Tha sinne 'gar dìon mar luchd-leasachaidh, aig an aon àm, tro mheadhan Ceadachas Beag Poblach GNU v3 airson bathar-bog saor.
Ma tha thu airson faighinn a-mach cò tha cumail taic ruinn gu ruige seo, thoir sùil air duilleag nan creidisean. Saoil am faic sinn d' ainm-sa ann a dh'aithghearr?
Tha Poileasaidh Prìobhaideachd againn, ma tha thu airson faighinn a-mach mar a tha a' choimhearsnachd a' dìon do chòraichean agus tha fiosrachadh laghail ri fhaighinn gu poblach cuideachd gus dèanamh cinnteachd gu bheil gach rud soilleir follaiseach a thaobh obair ar buidhinn.