Dachaidh nan sàr-phrògraman LibreOffice

Gabh pàirt

Am bu toigh leat pàirt a gabhail ann an leasachadh LibreOffice? Tha feum air sgioba na Gàidhlig an còmhaidh air daoine a tha airson taic a chumail ris a' phròiseact. Fiù mur eil thu buileach fileanta, bidh cothrom agad na prògraman a chur fo dheuchainn agus innse dhuinn ma lorgas tu mearachdan, feadhainn mhòra no bheaga. Thig a bhruidhinn rinn air Fòram na Gàidhlig!

Agus tha e ceart cho cudromach innse do dhaoine gu bheil ar leithid ann - innis dha do chàirdean e, faighnich dhan sgoil no dhan aonad Ghàidhlig faisg ort a bheil iad 'ga chleachdadh. A bheil an leabharlann ionadail 'ga sholar air na coimpiutairean aca?

No sgaoil am facal sna meadhanan sòisealta ma tha thu air Twitter, AbairThusa no Facebook no lìonraidhean mar sin!

Tha barrachd bheachdan air an duilleag Bheurla cuideachd.