Dachaidh nan sàr-phrògraman LibreOffice

Feartan

Tha LibreOffice ri fhaighinn ann am barrachd air 30 cànan agus tha e ag obair air a' chuid as motha dhe na siostaman-obrach, a' gabhail a-steach Microsoft Windows, Mac OS X agus GNU/Linux (Debian, Ubuntu, Fedora, Mandriva, Suse, ...).

Tha sia prògraman 'na lùib:

  • Writer: Bheir seo comas dhut teacsa a sgrìobhadh, eadar litrichean gnothachais agus aistean fada glice, pòstairean airson cat a tha air seachran no cuireadh do dhannsa na bliadhna.
  • Calc: Cum rian air na h-àireamhan le Calc. Cairtean, grafan, cruinneachadh dàta... faigh smachd air do sporran!
  • Impress: Taisbeanadh air Beanntan-teine ann an Casachstàn agad ri dhèanamh? Tha fuasgladh air a' chùis ann an Impress.
  • Draw: Ma tha agad ri dealbh a dhèanamh no a chur air gleus, cuidichidh Draw thu sin a dhèanamh. Ge be avatar airson bloga no ealain fhaclan a tha fa-near dhut.
  • Math: 'S e deasaiche fhoirmlean saidheansail a th' ann am Math. Freumhan ceàrnagach? Log-àireamh nàdarra? Bloighean le litrichean Greugach a' dannsadh air a' phàipear mar mheanbh-chuileagan air feasgar ciùin? Nì thu a' chùis orra le Math.
  • Base: Nise, seo rud airson connoisseur dàta. Ma tha stòr-dàta toinnte agad a bu toigh leat fighe a-steach, 's e Base am prògram a tha a dhìth ort.