Dachaidh nan sàr-phrògraman LibreOffice

Faigh greim air

Ma tha LibreOffice agad 's ma tha thu ag iarraidh àrdachadh (m.e. o 3.4 gu 3.5), feumaidh tu a' phacaid iomlan a stàladh a-rithist. Cha leig thu leas an seann-tionndadh a thoirt air falbh an toiseach, nithear sin gu fèin-obrachail.

Dè an diofar eadar an dà dhiubh?

LibreOffice 5.3.0 (as ùire)

Sàbhailte a chum cleachdaidh leis a' mhòrchuid de dhaoine is ghnothachasan.

Mus luchdaich thu a-nuas e, thoir sùil air riatanasan an t-siostaim ach a bheil iad aig a' choimpiutair agad. 'S mathaid gum b' fheairrde dhut coimhead air na nòtaichean sgaoilidh cuideachd agus fios fhaighinn air na tha ùr san tionndadh seo. 

LibreOffice 5.2.5

Mur eil thu airson an tionndadh a chleachdadh anns a bheilear a' cur fo dheuchainn nam feartan ùra, cleachd an tionndadh seasmhach seo.

Mus luchdaich thu a-nuas e, thoir sùil air riatanasan an t-siostaim ach a bheil iad aig a' choimpiutair agad. 'S mathaid gum b' fheairrde dhut coimhead air na nòtaichean sgaoilidh agus fios fhaighinn air na tha ùr san tionndadh seo.

Tagh na roghainnean as fhreagarraiche dhutsa gu h-ìosal san liosta tèarnaidh gus greim fhaighinn air an tionndadh iomchaidh.

Tha LibreOffice 'ga sgaoileadh fon cheadachas seo.

(Nì sinn tomhas air an t-siostam agad is feuchaidh sinn ris an rud cheart a thairgsinn dhut ach cha dèid againn air a h-uile turas gu mì-fhortanach 's bu chòir dhut sùil a thoirt air co-dhiù.)

An aire: Thèid faidhle a luchdadh a-nuas anns a bheil gach cànan a tha am broinn LibreOffice. Ma tha thu ag iarraidh Gàidhlig ann, dèan na leanas:

Air Windows

  1. Faigh am faidhle is cuir gu dol e. Nuair a dh'fhaighnicheas e dhìot a bheil thu ag iarraidh stàladh Typical no Custom, tagh Custom.
  2. Chì thu liosta de roghainnean. Briog air a' + aig Additional language packs agus dèan cinnteach nach eil crois dhearg ri Scottish Gaelic. Ma tha, atharraich sin gu This feature will be installed on local hard drive. 'S urrainn dhut uiread a chànan a thaghadh a thogras tu.
  3. Lean air adhart leis an stàladh agus tòisich LibreOffice nuair a bhios e deiseil. Bu chòir dha bhith sa Ghàidhlig ach mur eil, rach gu
    • Tools
    • Options
    • Language Settings
    • Languages
      agus tagh Gàidhlig airson User Interface, Locale Settings agus Default Language agus bidh gach rud ann an Gàidhlig. Cha chuir seo a-steach air sgrìobhadh sa Bheurla, 's urrainn dhut cànan a thaghadh airson earrann no sgrìobhainn gu lèir a-rèir do thoil fhèin.

Air MAC OSX:

  1. Faigh an install_en-US.dmg agus mountaig e. Bheir sin dhut LibreOffice ann am Beurla.
  2. Faigh an langpack_gd.dmg agus mountaig sin cuideachd.
  3. Tòisich LibreOffice agus briog air
    • LibreOffice
    • Preferences
    • Language Settings
    • Languages
    • Tagh Gaelic (Scottish) airson User Interface, Locale Setting agus Default languages for documents, OK agus tòisich LibreOffice as ùr is bidh e sa Ghàidhlig.