Dachaidh nan sàr-phrògraman LibreOffice

Mar a gheibh thu cobhair

Tha thusa, mar chuideigin a chleachdas LibreOffice, ann an teis-mheadhan a' phròiseict againn. Tha grunn ghoireasan ann far am faigh thu cobhair ma thèid rudeigin cearr no ma dh'èiricheas duilgheadas riut. Tha sinn ag obair gu cruaidh gus na goireasan seo a' sìor-leasachadh agus tha sinn a' toirt fàilte air com-pàirteachas sam bith.

Tha na leanas againn a chuidicheas na daoine a chleachdas LibreOffice:

  • An treòrachadh: Thoir sùil air duilleag an treòrachaidh againn far am faigh thu treòrachadh a mhìnicheas dhut na ceudan de rudan as urrainn dhut dèanamh ann an LibreOffice.
  • CÀBHA: Tha sinn a' cruinneachadh liosta de cheistean àbhaisteach. Feuch a' bheil a' cheist agadsa 'nam measg mu thràth agus mur eil, tha fàilte romhad fios a chur thugainn air a' phost-dealain gus innse dhuinn gum bu chòir dhuinn a chur ris.
  • Na liostaichean puist: 'S e seo a' phrìomh-dhòigh againn airson dèiligeadh ri daoine aig a bheil duilgheadas le LibreOffice: users@global.libreoffice.org. Bidh agad ri ballrachd fhaighinn ann mus urrainn dhut ceist a chur. Ma tha thu airson sin a dhèanamh, cha leig thu leas ach post-d falamh (as aonais cuspair agus bodhaig aig an teachdaireachd) a chur gu users+subscribe@global.libreoffice.org. Gheibh thu post-d uainne an uairsin a dh'innseas dut dè an ath-cheum (iarr am post-d agad agus thoir sùil air pasgan an spama air eagal 's gun deach a ghluasad ann). Airson fiosrachadh mu na liostaichean puist eile againn, thoir sùil air clàr-amais nan liostaichean puist. Ma tha thu airson casg a chur air do bhallrachd ann an liosta puist, briog an-seo.
  • Nabble: 'S toigh leinn na liostaichean puist ach tha fhios agam gu bheil mòran dhaoine nas dèidheil air ceistean a chur air fòram. Air sgàth sin, 's urrainn dhut na liostaichean puist againn a chleachadh mar fhòram mas-fhìor: an t-ùrlar Nabble againn. Tha coltas fòraim air Nabble agus is urrainn dhut clàradh le Nabble agus do cheistean a chur dìreach mar a chuireadh tu iad air fòram. Tha gach "roinn" a chì thu ann 'na liosta puist. Bidh agad ri cunntas fhaighinn aig Nabble mus urrainn dhut ceistean a chur slighe Nabble (briog aig a' cheangal a chanas "Register" aig barr duilleag clàr-amais Nabble) agus log a-steach an uairsin (briog air a' cheangal a chanas "Login" air duilleag clàr-amais Nabble).
  • Na fòraman: Gheibh thu taic a thaobh LibreOffice air iomadh fòram neo-eisimeileach cuideachd a tha 'gan ruith le daoine as toigh leotha LibreOffice is OpenOffice.org no a tha 'nan luchd-leasachaidh annta. 'S e fòraman stèidhichte a tha annta agus gheibh thu deagh-thaic ann.
  • Na seanailean IRC: Thig a bhruidhinn rinn air IRC air freenode.net. Tha an seanail #documentfoundation ann a chum taic an luchd-chleachdaidh 's deasbad san fharsaingeachd. (Mas e còdaichear a tha annad 's tu airson pàirt a ghabhail ann, thig a bhruidhinn rinn san t-seanail #libreoffice-dev air irc.freenode.net).
  • Riatanasan an t-siostaim: Thoir sùil air na comasan a dh'fheumas a bhith aig an t-siostam agad mus obraich LibreOffice air mar bu chòir.
  • An treòir stàlaidh: Tadhail air duilleag an stàlaidh a dh'innseas dhut, ceum air cheum, na tha agad ri dhèanamh gus LibreOffice a stàladh air an t-siostam agad (Windows, Macintosh is GNU/Linux).
  • Sàr-eòlas: Thoir sùil air na gliocasan is an sàr-fhiosrachadh againn gus sàr-eòlas fhaighinn airLibreOffice 's tu a' cur gach feart ann gu làn-fheum.